Gura mise tha fo éislean,
Moch 's a' mhadainn is mi 'g éirigh,
Ò hì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Ma 's e cluasag dhut a' ghainneamh,
Ma 's e leabaidh dhut an fheamainn,
Ò ì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Ma 's e 'n t-iasg do choinnlean geala,
Ma 's e na ròin do luchd-faire,
Ò hì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Dh'òlainn deoch ge boil le càch e,
De dh'fhuil do choim `s tu `n déidh do bhathadh,
Ò hì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.